Riaghailtean Na Co-Fharpais Dealbh-Camara

Faodar dealbhan dathte no dubh is geal an cur a-staigh dhan cho-fharpais a tha a’ sealltainn pàirt sam bith de shaoghal nan Gàidheal, no saoghal nan Gàidhealtachdan, ann an Alba is Èirinn, ’s a tha a’ glacadh beairteas dualchasach agus culturach a th’ aig na coimhearsnachdan sna dùthchannan seo.

Tha a’ cho-fharpais fosgailte do neach sam bith a tha a’ togail dhealbhan, ach a-mhàin daoine a tha gan togail gu proifeiseanta. Chan fheum sibh a bhith a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba no Èirinn; chan feum sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig no Gaeilge airson cur a-staigh airson na co-fharpais. Ach feumaidh tiotal ann an Gàidhlig no Gaeilge a bhith an cois gach dealbh.

Feumaidh gach dealbh a chuirear a-staigh a bhith ann an cruth didseatach. Gus dèanamh cinnteach gu bheil na dealbhan soilleir gu leòr airson sealltainn ann an taisbeanadh, feumaidh meudachd nan dealbh a bhith co-dhiù aig ìre 2400 x 3000 picseal agus feumaidh iad a bhith air an togail le camera 5MP no nas àirde.

Feumar gach dealbh a chur a-staigh dhan cho-fharpais tro làrach-lìn Cholmcille - www.colmcille.net

Feumaidh fo-thiotal goirid ann an Gàidhlig no Gaeilge a bhith ann airson gach dealbh.

Feumaidh gach farpaiseach am foirm clàraidh air-loidhne air làrach-lìn Cholmcille a lìonadh a-steach. (Faodaidh daoine an uiread de dhealbhan ’s a thogras iad a chur a-staigh, ach feumaidh iad foirm a lìonadh airson gach dealbh.)

Tha e an urra ris an fharpaisich dèanamh cinnteach gun d’fhuaras cead a h-uile duine san dealbh an dealbh a chleachdadh san cho-fharpais.

Feumaidh na dealbhan a bhith air an togail leis an neach a chuireas a-staigh iad.

Feumar dealbhan a chur a-staigh ro 9m air Diluain 1mh an t-Sultain 2008 tro www.colmcille.net

Cuiribh fios a-mhàin gu – 
mairi@colmcille.net

Cha ghabh Colmcille a’ choire airson call, no dealbhan a tha fadalach a’ ruighinn.

Thèid na dealbhan a bhuannaicheas a thaghadh le britheamhan a thaghas Colmcille.

’S ann aig na britheamhan a tha am facal mu dheireadh. Gheibh an fheadhainn a bhuannaicheas fios tron phost, air a’ fòn no tron phost-d agus thèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas sònraichte agus gheibh an fheadhainn a bhuannaicheas cosgaisean airson a bhith an làthair.

Thèid follaiseachd mhòr a dhèanamh air an fheadhainn a bhuannaicheas.

Cleachdaidh Colmcille cuid de na dealbhan airson sanasnachd a dhèanamh air an tachartas. Dh’fhaodadh gum foillsich Colmcille mìosachan agus stuth eile a tha ceangailte ris a’ cho-fharpais. Dh’fhaodadh gun tèid cuid den stuth-reic seo a chlò-bhualadh a-rithist. Chan fhaigh na farpaisich pàigheadh airson ath-fhoillseachadh no ath chlò-bhualadh den stuth seo, ach gleidhidh luchd-dealbh camara na còraichean slàn aca airson nan dealbhan agus bheirear aithne gur e an obair acasan a th’ ann. (Dh’fhaodadh gun tèid seo a dhèanamh ann an Gàidhlig, Gaeilge no Beurla.) An lùib seo dh’fhaodadh dealbhan nochdadh air làrach-lìn Cholmcille, ann an taisbeanadh poblach no ann an àite eile.

Tha Colmcille a’ gleidheadh na còrach na dealbhan a chleachdadh gus follaiseachd a dhèanamh air a’ bhuidhinn.

Chan urrainn do luchd-obrach Cholmcille no do bhuill a’ Bhùird, no duine sam bith a tha càirdeach dhaibh cur a-staigh airson na co-fharpais.

’S math dh’fhaodte gun tèid iarraidh air an fheadhainn a bhuannaicheas duais geàrr-chunntas goirid a dhèanamh, airson taisbeanadh, a nì mìneachadh air an dealbh aca agus a dh’innseas cuin agus càite an deach a togail.

Duaisean

Tha còig duaisean ann:

INBHICH

A’ chiad duais £2000

An dàrna duais £750

An treas duais £500

CLANN (fo 16 air 01/09/08)

A’ chiad duais £500

An dàrna duais £250

Gheibh gach duine a ghleidheas duais leth-bhreac ann am frèam den mhapa Tìr Chaluim Chille.

 

Email this site to a friend

Naidheachdan

There is currently no news.

Upcoming Events

Eirinn 's Alba
Image: Map