Tha Colmcille air a bhith na aon de na prìomh bhuidhnean-taice maoineachaidh airson An Leabhair Mhòir riamh bho thòisich am pròiseact.
Tha an Leabhar a’ toirt còmhla còrr agus 150 bàrd, luchd-ealain deilbhe, snas-sgrìobhadairean agus clò-sgrìobhadairean à Èirinn agus Alba. Chaidh bàrdachd ùr agus dealbh-obair a bharantachadh airson An Leabhar Mòr a dhèanamh – aon leabhar ceangailte a tha na obair-ealain mhòr cho-aimsireil ann an cumadh cruinneachadh faicsinneach. Anns na clò-bhualaidhean le còmhdach cruaidh agus bog tha làn-dhuilleagan le dealbhan làn dhathte, na dàin Ghàidhlig agus taghadh de na loidhnichean ann an snas-sgrìobhadh, eadar-theangachaidhean Beurla coileanta agus fiosrachadh air an na daoine a chuir stuth ris.
Co-obrachadh cruthachail
Chaidh an ceud dàn Gàidhlig a tha nam pàirt dhen Leabhar Mhòr a thaghadh le 30 ceanna bhàrd bho gach dùthaich agus dh’ainmichear aon de an dàin fhèin cho math ri 70 eile bho thasgadh dearbhte na bàrdachd. Anns an taghadh tha obair bho gach linn eadar an 6mh ceud agus agus an 21mh agus e a’ gabhail a-staigh a’ bhàrdachd as sine a th’ ann. Tha àbhachdas, cùis-bhròin, gaol, bàs, nithean spioradail agus brìodalach uile air an riochdachadh. Am measg na feadhna a chuir dàin air adhart tha Aonghas MacNeacail, Ruaraidh MacThòmais, Meg Bateman, Nuala Ni Dhomhnall, Michael Davitt agus Cathal O Searcaigh.
Chaidh 100 neachd-ealain deilbhe – 50 às gach dùthaich – a bharantachadh gus freagairt a thoirt dhan bhàrdachd ann an diofar mhodhan-obrachaidh. Am measg an luchd-ealain tha Allan Davie, Will MacGill-Eain, Frances Walker, Calum Colvin, Anna NicLeòid, Brian McGuire, Rita Duffy, John Bellany agus Alasdair Gray.
Tha sgioba bheag de shnas-sgrìobhadairean agus chlò-sgrìobhadairean air co-obrachadh leis an luchd-ealain agus na bàird airson nan loidhnichean bàrdachd a chaidh a thaghadh obrachadh a-staigh le ìomhaighean an luchd-ealain.
Foghlam
Tha an Leabhar Mòr cuideachd ann an riochd làrach-lìn, CD claisneachdail, sreath phrògraman rèidio agus film aithriseach. Chaidh tiodhlac dhen leabhar a chur gu gach sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba agus an Èirinn. Tha pasgan foghlaim do sgoiltean a’ coimhead a-staigh do cheistean cruinn-eòlais, eachdraidh, cànan, ealain agus cultar.