Cuir ar n-ainm ris an liosta puist againn airson brathan-naidheachd agus cuairt-litrichean fhaighinn air dè a tha a’tachairt [ OR, dè tha dol, dè tha ùr] air an làrach-lìn againn.
Feumar gach roinn le reultag (*) a’ lìonadh
Ceum 1: Lìon a-steach am fiosrachadh gu h-ìosal
Chruthaich Colmcille an aithris seo air dìomhaireachd a shealltainn gu bheil sinn a’cur romhainn gu daingeann gun tèid fiosrachadh pearsanta a chumail dìomhair agus fo rùn. Tha na leanas a’ mineachadh na dòighean a tha colmcille.net a’cleachdadh air fiosrachadh a chruinneachadh agus a sgaoileadh.
Faodaidh neach sam bith ar làraich-lìn a choimhead agus feum a dhèanamh de ghrunnd dhe ar seirbhisean, gun dad innse mun deidhinn fhèin. Ach tha a h-uile duine a nì feum de sheirbhisean air-loidhne Cholmcille, no seirbhisean gabhail pàirt, ag innse cò dhiù an ainm agus an seòladh puist-dealain. Cha toir sinne am fiosrachadh sin seachad do neach sa bith eile.
Chan eil sinn a’ leantail neach air-loidhne no a’ coimhead dè na làraich-lìn eile air an tadhail iad.
Ma tha daoine deònach brath a chur gu Colmcille mu dheidhinn ar bathar agus ar seirbhisean, feumaidh iad fiosrachadh pearsanta a chuir a-steach. A measg nan seirbhisean far am feumar an-dràsta ainm a chuir a-staigh, tha:
Anns an fhiosrachadh a thèid iarraidh nuair a chuireas neach brath gu Colmcille mu dheidhinn seirbhis, dh’fhaodadh gum bi ainm agus seòladh puist-dealain. Agus nuair a chuireas neach brath thugainn mu dheidhinn seirbhis, tha an roghainn aca pàirt a ghabhail ann an seirbhisean eile, leithid fiosrachadh, no tairgsean, fhaighinn le post-dealain.
Chan eil cookies gan cleachdadh air làrach-lìn Colmcille.
Tha sinn a’ cleachdadh bhur seòladh IP, uidheam-siubhail eadar-lìn, agus seòladh an làraich bhon tàinig sibh gu Colmcille gus ar cuideachadh ma bhios duilgheadas le ar seirbhis eadar-lìn, a’rianachadh ar làrach, agus gus luchd-cleachdaidh air leth aithneachadh. Tha sinn a’cleachdadh bhur seòladh IP gus fiosrachadh mu àite no dùthaich luchd-tadhail a thogail anns an fharsaingeachd. Chan eil sinn a’sealltainn greim dhen fhiosrachadh seo do neach sa bith eile.
Tha ceangail air an làrach seo, gu làraich eile. Chan eil uallach sam bith air Colmcille airson cleachdaidhean dìomhaireachd làraich eile, no dè a th’orra.
Tha ceuman tèarainteachd an sàs air an làrach seo gus am fiosrachadh air a bheil smachd againn a dhìon, gus nach tèid a chall, a chur gu mì-fheum, no atharrachadh. Gu mì-fhortanach, chan eil leithid de rud ann ri barrantas 100% cinnteach gum bì fiosrachadh sam bith a thèid a chur air an eadar-lìon tèarainte. Mar sin, ged a nì sinne a h-uile dìcheall gus bhur fiosrachadh pearsanta a dhìon, chan eil Colmcille air chothrom dhol an urras no barrantas a thoirt seachad gum bì am fiosrachadh a chuireas sibh thugainn, no na gheibh sibh bho ar bathar no seirbhisean air-loidhne, uile tèarainte, agus mar sin sè bhur cùram fhèin a th’ann. [ OR, tha an t-uallach oirbh pfhèin air a shon]. Aon uair is gum faigh sinne am fiosrachadh agaibh, tha sinn a’dèanamh a h-uile dìcheall gus a bhi cinnteach gum bì e tèarainte air na siostaman againn.