Club Phiobairean Àrd Mhacha & Fèis an Earraich

Tha Club Phiobairean Àrd Mhacha a’ trèanadh luchd-ciùil òga bho Cheann a Deas Ulaidh ann an ionadan ann an Àrd Mhacha agus Muineachán. Mar an ceudna tha Fèis an Earraich anns an Eilean Sgitheanach. Le ùidh mhòr aig an dà bhuidheann anns a Ghàidhlig, chuidich Colmcille le co-bhanntachd eatorra a tha air a bhith fàs bho 2000.

Gach darnacha bliadhna chaidh fichead neach òg no barrachd a Àrd Mhacha gu Fèis an Earraich anns an Eilean Sgitheanach sa Ghiblean. Na bliadhnaichean eile, tha buidheann a Fèis an Earraich a’ tighinn gu Àrd Mhacha, gu tric airson Fèis Phiobaireachd Eadarnàiseanta Uilleam Cheanadach.

Tha òrain Ghàidhlig nam pairt do threànadh phìobairean òga ann an Club Phiobairean Àrd Mhacha agus mar phàirt dhe na puirt a th’aca air an teangaidh. Tha an t-airgiod a thug Colmcille seachad air mòran luchd-obrach saor-thoileach a tharraing, agus air pàrantan, pìobairean is luchd-teagaisg a bhrosnachadh gus airgiod a thional.