Scoil Samhraidh Willie Clancy

Seo an tè is motha agus is soirbheachaile de sgoiltean-ciùil na h-Èireann. Thug Colmcille taic seachad thairis air na bliadhnaichean, le seinneadairean Gàidhlig mar Màiri Nic a Ghobhainn, Anna Mhoireach, Griogair Labhruidh agus eile nam pàirt mhòr dhen sgoil-shamhraidh.

On a tha iadsan ann fad na seachdaine, tha an luchd-èisteachd agus càch a tha an làthair a’cur deagh eòlas air Gàidhlig na h-Alba.

Tha ùidh aig a sgoil-shamhraidh ann an Gàidhlig o chionn fada, le clasaichean Gàidhlig agus seinneadairean Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann an bùthtean-obrach agus cèilidhean.