Dannsa

Thug Colmcille taic do chuairt deich latha a ghabh dannsairean a Alba gu Èirinn a rannsachadh ceanglaichean eadar dannsa-ceum Albannach agus dannsa Èireannach san t-seann-nòs, agus an dlùth-cheangal aig Gàidhlig agus Gaeilge ris an dà sheòrsa dannsa.

Bha an sgioba ag obair còmhla ri sàr-dhannsairean sean-nòs, a’dèanamh coimeas eadar na seòrsaichean dannsa, an ceangal ris a cheòl agus mar a tha iad a’ fighe a-steach le cànan agus òrain. Thug iad cuideachd sùil air mar a bha sean-nòs air a cheangal ris a choimhearsnachd Gaeilge troimh fhoghlam, air an àrd-ùrlar, agus tro nithean sòisealta, airson tuigse nas fheàrr air mar a ghabhadh dannsa-ceum fhighe a-steach dhan dualchas Gàidhlig ann an Alba.