Dràma

Thug Colmcille taic do leasachadh air compàirteachais eadar na buidhnean-cluiche Ababu (Èirinn a Tuath) agus Tosg (Alba) ann a bhith riochdachadh pantomime/drama, An Coille Ghruamach, a chaidh a chruthachadh le Sìm MacCoinnich nach maireann, ann an Gaeilge.

Thug Colmcille cuideachd taic don bhuidhean-cluich Meanbh Chuilleag airson dealbh-chluich stèidhichte air an sgeulachd Biorachán Beag is Biorachán Mór, a chiad chuairt-dhràma a bha air a dheasachadh bho thùs gu bhith dà-chànanach, le dà shealladh dhen dealbh-chluich, fear anns a’ Ghàidhlig agus fear ann an Gaeilge. Bha neach a bha roimhe na sgoilear aig Bunscoil Phobal Feirste agus a bha fileanta san dà chànan ag obair còmhla ris a bhuidheann agus ann am bùthtean-obrach, a cuir gu mòr ris mar a bha clann bho sgoiltean Gaeilge a’ tuigsinn na deilbh-cluich. Chaidh an dràma air chuairt ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh Èirinn agus Alba.