Program Iomlaid Luchd-Ealain

Chuir Colmcille air chois sgeama dearbhaidh airson prògram iomlaid luchd-ealain eadar Gaidhealtachdan Èirinn agus Alba. Rinn dà neach-ealain òg iomlaid airson trì mìosan.

Chaidh Marion Nic a Phì, dealbhadair clò-bhualaidh as an Eilean Sgitheanach gu togalach ealain ùr, Teach an tSléibhe ann an Mín a Leá agus bha Caroline Patten, ceumnaiche bho NCAD , Baile Atha Cliath, a bha an sàs ann an Togra Idirnáisiúnta d’Ealaín na Gaeltachta, air iomlaid aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath.