Iomain Cholmcille

Chuir Iomain Cholmcille geamaichean air dòigh eadar sgiobaidhean le Gàidhlig bho Èirinn agus Alba.

Se Iomain an t-ainm cumanta airson Camanachd agus Iománaíocht , ach se fìor bheag de Ghàidhlig a bha ri fhaighinn anns na geamaichean eadarnàiseanta no ann an sgiobaidhean Chamanachd na h-Alba bho chionn ghoirid. Ach tha seo ag atharrachadh.

Ann an 2007 thàinig sgioba le Gàidhlig bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanean còmhla airson cluich an aghaidh Cumann Mhícheal Breathnach ann an Conamara. Chaidh a chiad ghèam a’ chluich anns an Òban, agus bhuannaich sgioba Chonamara. Dh’fhàs Iomain Cholmcille agus ann an 2009 bha fèis bheag Ghàidhlig ann am Port Righ anns an Eilean Sgitheanach far an do bhuannaich na h-Albannaich son a chiad uair.

Bì geama 2010 ann an Conamara agus tha Colmcille an dòchas an sgeama a’leasachadh, cuide ri Comunn na Camanachd agus clubaichean Èireannach, agus fhosgladh do sgiobaidhean Gàidhlig eile.

Tha an iomlaid air a bhith feumail do spòrs, cànan agus coimhearsnachd.