Saoghal nan Gàidheal

Chuir Colmcille air bhog farpais mhòr thogail dhealbh-camara, ag amas air beatha luchd na Gàidhlig no Gaeilge a’ ghlacadh, agus beatha nan coimhearsnachdan Gàidhlig anns a dà dhùthaich.

Chaidh farpais 2009 a chuir air chois le Ministear an Fhoghlaim ann an Riaghaltas na h-Alba, Micheal Russell, a tha fhèin dèidheil air a bhith togail dheilbh, agus eòlach air a bhith air beulaibh a chamara na dhreuchd.

Chuir cha mhòr mìle neach a-steach airson na farpais. Chruthaich seo mòran ìomhaighean beòthail, le tiotal Gàidhlig no Gaeilge air gach tè. Tha na deilbh cuideachd air a bhith air chuairt mar thaisbeanadh.