Bùthtean-Obrach Lasair airson Cleasachd

Thug Colmcille cùltaic do iomairt Lasair gus cùrsa drama trì seachdainean, agus sgoil-shàmhraidh ann an Gaeilge agus Gàidhlig, a chruthachadh dhan òigridh.

Bha e soilleir gu robh feum air leithid de chùrsa do chleasaichean òga siabainn telebhisein aig nach robh na sgilean airson dhol nas fhaide san dreuchd, aon uair’s nach robh sgeul tuilleadh air na caractaran a bha iad a’ cluich.

Bha seo a’ bualadh air a h-uile càil a bhuineas do dhràma, eadar gluasad gu sùbailte, trèanadh airson àrd-ùrlar agus sgàilean, leasachadh guth agus beusan caractair; on nach robh trèanadh dhen t-seòrsa ri fhaighinn.