Ri Chéile

Airson grunnan bhliadhnaichean tha Colmcille air a bhith a’ toirt taic do thachartas labhairt-poblach ann an Gàidhlig agus Gaeilge do sgoilearan anns a chiad bhliadhnaichean dhan àrd-sgoil.

Tha cuideam ga chuir air breithneachadh taiceil seach farpais ro gheur, agus tha an tachartas ga chleachdadh mar chothrom dhan òigridh eòlas a chur air cànan agus cultar an co-ionainn. Bha Ri Chèile mu thràth ann an Glaschu, Dùn Èideann, Àrd Mhacha, Rath Chùirn, Doire agus san Eilean Sgitheanach.

Flickr images