Pàrlamaid na h-Òige

Tha Pàrlamaid na h-Òige air a bhith na phrìomh phròiseact aig Colmcille, a’tarraing còmhla oileanaich a Èirinn agus Alba aig cruinnichidhean ann an Ìle agus anns an Eilean Sgitheanach ann an Alba, agus an Doire, Àrd Mhacha, an Ceathramh Ruadh agus Corcaigh ann an Èirinn.

A’ tàladh àrd-mhinistearan riaghaltais a Èirinn agus Alba, bha Pàrlamaid na h-Òige ag amas air ceanglaichean agus càirdeas seasmhach a’ chruthachadh eadar oileanaich treas-ìre bho na diofar roinnean, tro bhith a’conaltradh air an ionannachd agus an eadar-dhealachadh eatorra.