Cearcall na Gàidhlig, Lannraig a Tuath & Èirinn a Tuath

Tha buidheann a Lannraig a Tuath, Cearcall na Gàidhlig, a’ ruith ionad tadhail gach seachdain le cur-seachadan do chlann agus clasaichean do dh’inbhich.

Tha e a’ frithealadh luchd na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh ann an Àrd-Righ agus Coatbridge, le ceanglaichean ri Sgoil Ghàidhlig Chondobhrait. Ann an 2008 chuidich Colmcille pàrantan a Cearcall na Gàidhlig a’dol gu Scoil Samhraidh Mhic Reachtain, a tha a’ruith fad seachdain ann am Béal Feirste.

Air am brosnachadh leis cho beòthail sa tha a’Ghàidhlig ann am baile nach eil ao-coltach rin sgìre fhèin, lean pàrantan Lannraig a Tuath orra le ceanglaichean ris a choimhearsnachd ann an Èirinn a Tuath, le luchd-labhairt Gaeilge a Downpatrick, Béal Feirste agus Lannraig a tuath a’ gabhail pàirt ann an tuilleadh iomlaidean.