Cànan & Poilitigs

Thug Colmcille taic do Oilthigh na Bànrighe ann am Béal Feirste airson sreath cho-labhairtean cànan agus poilitigs.

Tha iad seo air a bhith nam fòram èifeachdach airson deasbad air cànan do na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba.

Chan ann air foghlam anns na cànain roinneil a tha na co-labhairtean, ach airson sùil gheur a thoirt air iomairtean agus dòighean-obrach a tha, no a dh’fhaodadh, a bhi gan cleachdadh, le buaidh air na poileasaidhean agus na beachdan a tha a’ bualadh air Gaeilge, Gàidhlig agus Albannais –Ulaidh; agus cuideachd gu bhi na àrd-ùrlar airson deasbad as an tigeadh freagairtean soilleir, agus treòrachadh airson poileasaidh agus gnìomh ri thighinn.