Ìle – Baile Chaisteil

Tha Èirinn nas fhaisge air Eilean Ìle na a mhòr-chuid de Thìr-Mòr Alba. Tha Colmcille iar a bhith ag obair le Ionad Chaluim Chille Ìle ann a bhith leasachadh cùrsaichean cànain. A mach as na ceanglaichean a rinneadh aig na cùrsaichean cànain, tha a nis ceanglaichean eile eadar Ìle agus Pobal a Chaisteil ann am Baile a’ Chaisteil, agus roinn foghlam tro Ghaeilge ann an Èirinn a Tuath.

Se Fosgladh Dhorsan prògram airson tuigse a’ bhrosnachadh mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba. Chaidh a chuir air bhog le Réamaí Mathers a Pobal an Chaisteil. Bha buaidh mhòr aig a phrògram agus na coinneamhan poblach na chois air Ìle, agus dh’èirich àireamh na cloinne anns an sgoil-àraich Ghàidhlig gu mòr.