Slí Cholmcille

Tha Slí Cholmcille www.colmcille.org. Tha Slighe Dhualchais Chaluim Chille mar chomharra air beatha agus dualchas an Naoimh Chalum Cille agus na chothrom soillse a’ chur air na seann cheanglaichean a thaobh eachdraidh agus cànan eadar Èirinn agus Alba.

Bheir am pròiseact seo le Colmcille cothrom do neach-turais taghadh dè chòrdadh leotha a’ dhèanamh as na leanas:

  • Leantainn ann an lorgan an Naoimh Colmcille agus a cho-aoisean, agus siubhal da-rìribh no air-loidhne tro na h-àiteachan agus na dùthchannan.
  • Àiteachan a’ lorg tro mhapaichean 
  • Rannsaich aon no dhà de sgìrean far am bheil a’ Ghàidhlig ga bruidheann, agus an cultar an dè is an diugh.
  • Dean ceangal ri làraich turasachd chultural eile, gu h-àraid www.gaelic-rings.com
  • Faigh a-mach mar a’ thug eaglaisean Cholmcille cumadh do linn an òir ann an ealain agus cultar na h-Èireann.
  • Faigh a-mach mar a tha Gàidhealtachd na h-Èireann agus na h-Alba agus an cultar nas fhaisge oirnn na bha sinn an dùil.

A bharrachd air a sin, tha e ceadachadh do choimhearsnachdan Gàidhlig ceanglaichean a’ dhèanamh ri chèile, agus ceangal a’ dhèanamh air cànan agus dealbh-tìre, ìomhaighean agus cultar stèidhichte air cànan.