An Guth

Tha Colmcille air taic a thoirt do na sia irisean de “An Guth” a tha air fhoillseachadh mar fhòram èifeachdach airson bàrdachd Ghàidhlig a Èirinn agus Alba. Anns an iris is ùire, An Guth 6, tha bàrdachd is eadartheangaichidhean le Meg Bateman, Maoilios Caimbeul, Déaglán Collinge agus mòran eile.

Tha am fear-deasachaidh, Rody Gorman, a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach, agus tha e fileanta ann an Gaeilge agus Gàidhlig. Tha An Guth air fhoillseachadh leis an fhoillsichear Gaeilge, Coiscéim.