Cùrsaichean Fèin-theagasg

Thug Colmcille cothrom do ghrunn oileanach agus eile sgilean ann an Gàidhlig agus Gaeilge a thoirt gu ìre. Dhaibhsan nach urrain cùrsaichean a’ fhrithealadh tha Colmcille air clàr-obrach a’ dheasachadh, airson dà chùrsa fèin-teagaisg, 18 aonad anns gach cùrsa, ann an Gàidhlig do luchd na Gaeilge, agus Gaeilge do luchd na Gàidhlig.

Tha an clàr-obrach mothachail dhe na duilgheadasan aig luchd-labhairt aon chànan Ceilteach, a’ feuchainn ri fear eile ionnsachadh. Tha stuth nan cùrsa a’tarraing còmhla agus a’ leasachadh “stuthan fìor” mar sanasan-reic, prògraman radio agus a leithid airson beartas cànain a thoirt dhan luchd-ionnsachaidh anns gach aonad.