Cùrsaichean Cànan

Ann an oidhirp gus faighinn seachad air buaidh làidir na Beurla air Gàidhlig is Gaeilge, agus gus a chonaltradh eadar luchd-labhairt nan cànan a’neartachadh, gun tilleadh chun a’chànain is treasa, tha Colmcille, bho thùs, air a bhith maoineachadh cùrsaichean Gàidhlig son luchd na Gaeilge, agus cùrsaichean Gaeilge airson luchd na Gàidhlig.

Tuigidh luchd-labhairt Gàidhlig agus Gaeilge am bitheantas a mhòr-chuid de na chanas càch-a-chèile ach tha cnapan-starra ann, faclan ùra agus riaghailtean eadardhealaichte. Tha na cùrsaichean ag amas air conaltradh nas fheàrr eadar an dà bhuidhean gun a bhith a’ trèigsinn na Gàidhlig airson na Beurla.

Tha dà chùrsa seachdaine airson luchd-labhairt na Gaeilge aca aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a h-uile samhradh. Gheibh muinntir na Gaeilge a h-uile goireas ùr airson Gàidhlig ionnsachadh ann an cridhe na Gàidhealtachd. Nas fhaide deas, air Eilean Ìle tha Ionad Chaluim Chille Ìle a’ cumail cùrsaichean còig latha nas fhaide air an t-Samhradh. Bha cùrsaichean Gaeilge ann roimhe do luchd na Gàidhlig, agus thathar an dòchas iad seo a leasachadh.

Thabhainn pròiseact Glaschu nan Gàidheal cùrsa deireadh-sheachdaine ann an Gàidhlig agus Gaeilge, le cothrom coinneachaidh dhan dà bhuidhean. Tha cùrsaichean cànain cuideachd air a bhith an luib pròiseactan iomlaid, agus aig fèisean leithid Scoil Samhraidh Willie Clancy.