Iomlaid Oileanach

Chuir Colmcille taic ri iomlaid oileanach trì bliadhna eadar Colaisde Bheinn na Faoghla agus Ceoltóir, Dùn na nGall, a leig le dithis oileanach bhon dà cholaisde pàirt a’ ghabhail ann an cùrsaichean a chèile fad cola-deug.

Fhuair iad a-mach mu dhualchas agus cànan na dà sgìre tro teagasg, tro chluich ionnsramaidean còmhla, agus le bhi a’gabhail pàirt ann an cuirmean ciùil. Fhuair na h-oileanaich aoigheachd aig daoine a’ bhuineadh do na colaisdean fhad’s a bha iad ann.
.