Co-bhanntachd Sgoiltean

Thug Colmcille taic do dh’iomadach ceangal, compàirteachas agus iomlaid eadar sgoiltean aig ìre bun-sgoile agus àrd-sgoile. Cheadaich am fear is ùire do chlann Sgoil Shiaboist, bunsgoil ann an Eilean Leòdhais, ceanglaichean a’ chruthachadh le Gaelscoil Mhichil Chíosóg ann an Innis, Co. An Chlàr, an Èirinn.

Fad na cuairt seachdaineach, ghabh sgoilearan as a dà sgoil pàirt ann an cur-seachadan agus turais chultural agus chuir iad ris an obair a rinneadh roimhe, ag ionnsachadh mu chànan chàch-a-chèile, agus a’leantail air conaltradh eadar na sgoilearan. Neartaich an turas cuideachd amasan airson pròiseactan Gàidhlig, eachdraidh, cruinn-eòlais agus saidheans a stèidheachadh eadar an dà sgoil.
 
Fad còig bliadhna dh’obraich Colmcille le Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid a’ cuir air dòigh prògraman airson bun-sgoiltean agus aonadan Gàidhlig. Bha a chiad prògram aig ionad cur-seachad a-muigh ann an Earra-Ghàidheal, le sgoilearan bho Èirinn a Tuath agus Dùn na nGall a’ tighinn còmhla le sgoilearan agus tidsearan bho na h-eileanan agus tìr-mòr Earra-Ghàidheil.

Anns an dàrna bliadhna, choinnich sgoilearan a Earra-Ghàidheal ri sgoilearan Èireannach aig ionad cur-seachad a-muigh ann an Gartán, far an do rugadh Calum Cille agus aig grunnd ionadan ann an Gaeltacht Dhùn nan Gall. Chuir na buidhnean Dràma ann a Foghlam, Meanbh-chuileag agus Branar ris na prògraman. Ann am bliadhnaichean eile chruinnich sgoileirean agus tidsearan a Dùn na nGall, Èirinn a Tuath agus Earra-Ghàidheal anns an Òban agus air Eilean I.
 
Ann an iomlaidean eile rinn Àrd-sgoil Ulapul ceangal le Glenties ann an Dùn na nGall; rinn Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ceangal le Scoil Iognáid ann an Dùn na nGall agus shiubhail Scoil Éadan Mòr a Doire gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.