A’ cruthachadh Ceanglaichean Oilthigh

Thug Colmcille taic do cho-bhanntachd eadar Colaisde Oilthigh Naoimh Moire ann am Béal Feirste agus Roinn Foghlaim Oilthigh Strath Chluaidh. Thog “Eadar-thuigse air Foghlam-Bogaidh ann an Alba agus Èirinn” conaltradh eadar luchd-obrach agus oileanaich aig dà bhuidhean le uallach airson trèanadh thidsearan airson sgoiltean tro mheadhain na Gàidhlig. Tha a leithid de chuairtean a’ toirt spreagadh agus lèirsinn do bhuidheann teagaisg a dh’fhaodadh gu math tric a bhith a’faireachdainn aonarach.
 
Thug Colmcille cuideachd maoineachadh do Oilthigh Nàiseanta na h-Èirinn ann an Gaillimh sgioba a shiubhal a dh’Alba airson ceanglaichean foirmeil a’ chruthachadh eadar ionadan foghlam Gàidhlig aig an treas ìre le Oilthigh na Gaidhealtachd troimh Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus Colaisde Caisteil Leòdhais anns na h-Eileanan an Iar.