Fèill Chaluim Chille

Se an 9mh latha den Ògmhios latha fèile an Naoimh Chalum Cille. Ann an 2007 chuir Colmcille air dòigh a chiad Fèile Chaluim Chille ann an Gleann Cholm Cille, ann an co-bhann ri Oideas Gael. Ann an 2008 bha an Fhèill ann am Muile agus Eilean I , le taic bhon Bhliadhna Tilleadh Dhachaigh.

Ann an 2009 bha an Fhèill ann an Doire, le taic bho Phrogram Ealain Bhlàthanna agus Comhairle Bhaile Dhoire. Thug “Luchd na Sailm” na sailm Ghàidhlig gu gach Fèill agus gu seann Abaid I, far an do sheinn iad le Còr Chùil Aodha. Bha deagh sgioba luchd-ciùil agus luchd-piobrachaidh canain a Eilean Mhannain an làthair aig na trì Féilean. Bha bàtaichean traidiseanta cuideachd nam pàirt den phrògram.

Thug gach tachartas cothrom do luchd na Gàidhlig agus Gaeilge coinneachadh, agus dhan choimhearsnachd ionadail pàirt a’ ghabhail. Ann an 2010 chuir Oideas Gael Fèile Cholmcille sa Ghleann air chois, far an robh clasaichean Gàidhlig agus luchd-ealain, còmhla ri ceuman coiseachd no “turais”.