Luchd na Sailm

Tha Luchd na Sailm a Leòdhas air taic mhòr a chuir ri obair Cholmcille agus ri tuigse eadar-coimhearsnachd ann an Èirinn a Tuath.

Tha seinn nan Salm aig cridhe adhradh anns na h-eaglaisean Clèireach Gàidhlig ann an Alba. A’ taisbeanadh am fuaim iongantach agus an dualchas seinn aig coitheanalan na h-Eaglaise Saoire ann an Leòdhas, thug Luchd na Sailm dealbh shònraichte do luchd-èisteachd Èireannach air cultar na Gàidhlig.

Dh’iarr Colmcille air Luchd na Sailm tighinn a Bhéal Feirste ann an 2005 agus sheinn iad air beulaibh 450 neach ann an Taigh-tasgaidh Ulaidh fhad’s a bha An Leabhar Mòr ga thaisbeanadh. Bhon nuarsin tha iad air seinn ann an Abaid Ì Chaluim Cille, Cathar Eaglais Christchurch am Baile Atha Cliath, Cathar-Eaglais Naoimh Cholum ann an Doire agus iomadach àite eile, nan luib Àras Èanna ann an Inis Òirr anns na h-Eileanan Aranach.

Air chuairt anns an t-Samhain 2009, nochd iad ann an Leabharlann Tullycarnet ann am Béal Feirste an Ear, sgìre nan Dìleasach dhan Aonadh, far an robh an an t-Urramach Iain Paisley anns an èisteachd.