Amra Choluim Cille

Bha sreath àlainn de dheilbh leis an fhear-ealain Brian Ferran stèidhichte air a bhàrdachd Amra Choluim Chille bhon 6mh linn, aig cridhe pròiseact a chaidh a’ leasachadh le co-bhanntachd eadar Colmcille, Urras Ultach, pròiseact thar-coimhearsnachd Gaeilge stèidhichte am Béal Feirste, agus Pròiseact nan Ealan.

Tha a bhàrdachd shònraichte seo cho tràth is a tha ri fhaighinn ann an litreachas na Gàidhlig: chaidh a’ sgrìobhadh beagan as deìdh bàs an Naoimh Calum Cille ann an 597. Tha am pròiseact Amra Choluim Chille a’ toirt a steach taisbeanadh sònraichte agus leabhar, anns a bheil le chèile:

  • Deasachadh ùr den bhàrdachd le P.L. Henry
  • Grinn-sgrìobhadh le Dòmhnall Moireach
  • 18 ìomhaigh le Brian Ferran mar fhreagairt air an teacsa.
  • A ’ bhàrdachd ann an Gaeilge an latha an diugh.
  • Dreach ùr ann an Gàidhlig na h-Alba le Aonghas Dubh MacNeacail
  • Eadar-theangachadh Beurla.

Chaidh an taisbeanadh a shealltainn ann an Doire, dachaidh Brian Ferran, ann am Muile, Cathair-Eaglais Christchurch am Baile Atha Cliath agus ann an iomadach leabharlann agus galaraidh, gu h-àraid ann an Èirinn a Tuath.