Glaschu nan Gaidheal

Le Baile Ghlaschu cho cudromach ann am beatha agus cuimhne luchd na Gàidhlig a Èirinn agus Alba, chuir Colmcille, ag obair ann an co-bhann ri Conradh na Gaeilge agus Ceòl is Craic, air chois an deireadh sheachdain shoirbheachail de chànan, ceòl agus craic, Glaschu nan Gàidheal.

A cleachdadh a bhaile mar àite coinneachaidh, thug e a-steach: cothrom do luchd na Gàidhlig cainnt chàch-a-chèile ionnsachadh; tachartasan ealain; ceangal le fèis Celtic Connections agus clasaichean Gàidhlig airson oileanaich aig ìre nas àirde.

Le Gàidheal a’tighinn a Baile Atha Cliath, Gaillimh, Dùn na nGall, Èirinn a Tuath, Steòrnabhagh, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis agus Dùn Èideann, tha Glaschu nan Gàidheal air càirdeas ùr a’ bhrosnachadh, agus chuidich e le leasachadh nan ealain ann an Glaschu.