Féile na Gréine

Airson deannan bhliadhnaichean tha Colmcille air taic a chumail ri luchd-ealain Ghàidhlig a’ frithealadh Fèile na Grèine ann an Waterville, Co. Chiarrai.

Ann an 2010 bha am bàrd ainmeil Albannach Aonghas MacNeacail, air leth toilichte tilleadh chun na fèise airson an dara turas ann an dà bhliadhna. Tha an Fhèis a’ tòiseachadh air Latha Meadhain an t-Samhraidh agus a’ tighinn gu crìch air an oidhche ro Latha Fèill Eòin.

Fad trì latha tha luchd-tadhail na fèise a’ comharrachadh meadhain an t-Samhraidh le fèis ealain a tha toirt a-steach drama, ceòl, ealain, bàrdachd, fiolm agus bùthtean-obrach dràma chloinne. Na h-uile air a chumail ann an taigh-ealain ùr, Teach Amergin ann a Waterville, Co. Chiarrai, àite cho breagha sa tha ann an Èirinn.