Fèis nan Òran

Airson grunnd bhliadhnaichean, chuir Colmcille air bhonn fèis sean-nòs ann an Tí Chulainn, An Mullach Bán. Bha an dà chuid seinneadairean Albannach agus Èireannach ann, agus tharraing e luchd-èisteachd a Baile Atha Cliath, Gaillimh agus bho air feadh Ulaidh.

Dh’fhosgail e doras airson conaltradh eadar seinneadairean Gàidhlig agus Gaeilge, agus bhrosnaich na bùthtean-obrach seinn anns an t-sean-nòs le òigridh, gu h-àraid iadsan a Club Phiobairean Àrd Mhacha.