An Leabhar Mòr

Tha Colmcille air a bhith a measg na prìomh bhuidhnean a thug taic airgid do lèirsinn adhartach a thug seachd bliadhna ga chruthachadh agus a rinn nas fheàrr na bhathar a’ sùileachadh.

Tric air ainmeachadh mar Leabhar Cheanannais an Latha an Diugh, thug Leabhar Mòr na Gàidhlig còmhla barrachd air ceud gu leth bàrd luchd-ealain, grinn-sgrìobhaichean agus clò-sgrìobhadairean bho Èirinn agus Alba. Chruthaich iad eatorra dualchas maireannach a bheir tlachd do ghinealach as dèidh ginealach.

Se an eileamaid is maireannaiche dhen phròiseact an co-obrachadh eadar ceudan dhaoine thar chrìochan phoilitigeach is teicneòlach agus àitichean eadar-dhealaichte - ach le aon amas.

Tha Leabhar Mòr na Gàidhlig ag innse, troimh ealain dhealbhte agus sgrìobhte, sgeulachd cultair ann an dòigh a tha dol thairis air crìochan àbhaisteach.

Anns an Leabhar tha ceud bàrdachd ann an Gàidhlig agus Gaeilge, le eadartheangachadh gu Beurla. Chruthaich leth-cheud dealbhadair obair-ealain ùr stèidhichte air aon bhàrdachd a thagh gach neach a mach as a cheud.

Chaidh dealbhan an luchd-ealain a chuir air pàipear dhe gach seòrsa a bha fhèin na obair-làimhe, na mheasg duilleagan a dh’atharraich ri solus na grèine, agus air a gabhadh taghadh do pheant no inc a’ chleachdadh. Nuarsin, dh’obraich sgioba bheag de ghrinn-sgrìobhaichean agus de chlò-sgrìobhadairean còmhla ri na bàird agus an luchd-ealain airson faclan nam bàrd agus obair an luchd-ealain a’ tharraing còmhla

Tha an Leabhar, a chaidh a cur air bhog aig toiseach na Mìle Bliadhna ùire, a’ toirt drochaid dhan Ghàidhlig, eadar a freumhaichean, a h-eachdraidh agus an àm ri teachd. A’ glèidheadh gu buan gach caochladh beartas cruthachaidh ann an cultar na Gàidhlig, is a’coimhead air adhart gu saoghal soilleir soirbheachail.

Chaidh a shealltainn ann an 45 àite an Alba, an Èirinn, agus anns na dùthchanan cèin far an do rinn Albannaich is Èireannaich an dachaighean.

www.leabharmor.net