Pròiseactan - Na h-Ealain & Dualchas
An Leabhar Mòr
Tha Colmcille air a bhith a measg na prìomh bhuidhnean a thug taic airgid do lèirsinn adhartach a thug seachd bliadhna ga chruthachadh agus a rinn nas fheàrr na bhathar a’ sùileachadh.
Co-obrachadh anns na h-Ealain Faicsinneach Ùra
Thug Colmcille taic do phrògram a chuir air bhonn sgeama anns an deach luchd-ealain eadarnàiseanta a’ thoirt gu sgìrean Gàidhealach a dh’obair cuide ri luchd-ealain na sgìre airson saothair ealain ùr a thoirt gu buil.
Program Iomlaid Luchd-Ealain
Chuir Colmcille air chois sgeama dearbhaidh airson prògram iomlaid luchd-ealain eadar Gaidhealtachdan Èirinn agus Alba. Rinn dà neach-ealain òg iomlaid airson trì mìosan.
Scoil Samhraidh Willie Clancy
Seo an tè is motha agus is soirbheachaile de sgoiltean-ciùil na h-Èireann.
Club Phiobairean Àrd Mhacha & Fèis an Earraich
Tha Club Phiobairean Àrd Mhacha a’ trèanadh luchd-ciùil òga bho Cheann a Deas Ulaidh ann an ionadan ann an Àrd Mhacha agus Muineachán.
Éire is Alba
Aig a Mhòd ann an 2008, agus aig an Oireachtas ann an 2009, thug Colmcille cuireadh do sheinneadairean Gàidhlig agus do dhannsairean shean-nòs, buidheann a chuir air chois a’ thaisbeanadh ceòl agus cultar Gàidhlig do luchd-èisteachd le Gàidhlig.
Fèis nan Òran
Airson grunnd bhliadhnaichean, chuir Colmcille air bhonn fèis sean-nòs ann an Tí Chulainn, An Mullach Bán.
Duais Cholmcille
Tha Fèis Bàrdachd Eadarnàiseanta ga cumail ann an Strokestown ann an Contaigh Ros Comain, far a bheil Gàidhlig aig an aon inbhe ri Beurla. Thug Colmcille seachad airgead–duais airson bàrdachd ann an Gàidhlig no Gaeilge.
Féile na Gréine
Airson deannan bhliadhnaichean tha Colmcille air taic a chumail ri luchd-ealain Ghàidhlig a’ frithealadh Fèile na Grèine ann an Waterville, Co. Chiarrai.
Glaschu nan Gaidheal
Le Baile Ghlaschu cho cudromach ann am beatha agus cuimhne luchd na Gàidhlig a Èirinn agus Alba, chuir Colmcille, ag obair ann an co-bhann ri Conradh na Gaeilge agus Ceòl is Craic, air chois an deireadh sheachdain shoirbheachail de chànan, ceòl agus craic, Glaschu nan Gàidheal.
Amra Choluim Cille
Bha sreath àlainn de dheilbh leis an fhear-ealain Brian Ferran stèidhichte air a bhàrdachd Amra Choluim Chille bhon 6mh linn, aig cridhe pròiseact a chaidh a’ leasachadh le co-bhanntachd eadar Colmcille, Urras Ultach, pròiseact thar-coimhearsnachd Gaeilge stèidhichte am Béal Feirste, agus Pròiseact nan Ealan.
Luchd na Sailm
Tha Luchd na Sailm a Leòdhas air taic mhòr a chuir ri obair Cholmcille agus ri tuigse eadar-coimhearsnachd ann an Èirinn a Tuath.
Fèill Chaluim Chille
Se an 9mh latha den Ògmhios latha fèile an Naoimh Chalum Cille. Ann an 2007 chuir Colmcille air dòigh a chiad Fèile Chaluim Chille ann an Gleann Cholm Cille, ann an co-bhann ri Oideas Gael.
Saoghal nan Gàidheal
Chuir Colmcille air bhog farpais mhòr thogail dhealbh-camara, ag amas air beatha luchd na Gàidhlig no Gaeilge a’ ghlacadh, agus beatha nan coimhearsnachdan Gàidhlig anns a dà dhùthaich.
Seiseanan Cholmcille
Thug Colmcille taic do phròiseact adhartach airson sia prògraman leth-uair air telebhisein, a’ rannsachadh agus a’ togail cliù an dualchais choitchinn aig ceòl na h-Alba agus na h-Èireann, is gu h-àraid òrain Ghàidhlig.


