Naidheachdan Ùra

2012-04-18

Sgeama Thabhartas Cholmcille a' fosgladh a-rithist (Ceann-latha 18 an Giblein 2012)

Sgeama Thabhartas Cholmcille a' fosgladh a-rithist (Ceann-latha 18 an Giblein 2012)

2012-04-17

Tha Colmcille a’ toirt am follais taic do phròiseactan ùra a tha a’ comharrachadh dualchas cànanach is cultarach na h-Èireann ’s na h-Alba. Na phrògram com-pàirteachas a bhios ag adhartachadh an dualchais cànanach is cultarach a tha co-roinnte eadar Èirinn agus Alba – tha Colmcille an-diugh air taic a thoirt am follais do dh’ iomairtean coimhearsnachd, foghlaim, ealain, foillseachaidh agus pròiseactan dhaoine òga. Tha Colmcille ag adhartachadh tuigse don eòlas eadar-dhealaichte agus don chultar ann an coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann, a thuilleadh air a bhith a’ brosnachadh deasbad mu dhraghan coitcheann a thaobh cùisean sòisealta, cultarach agus eaconamach, a’ sùileachadh ri fèin-mhisneachd a thogail an taobh a-staigh nan coimhearsnachdan Gàidhlig. Faodaidh iarrtasan taic tabhartais a chur a-steach suas gu Dihaoine 18mh Cèitean. Thuirt Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Dabhidh Boag: “Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan a bhios a’ leasachadh dhàimhean ùra eadar coimhearsnachdan a tha a’ labhairt Gàidhlig na h-Alba agus coimhearsnachdan a tha a’ labhairt Gàidhlig na h-Èireann, agus ag àrdachadh nan ceanglaichean a th’ ann cheana. Feumaidh iarrtasan uile a bhith cuimsichte gu làidir air cànan, agus a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. ’S e aon de phrìomh phrionnsapalan Cholmcille gum bi a chuid obrach agus pròiseactan le taic tabhartais a’ togail mothachadh do mar a tha Gàidhlig a’ cur ri dearbh-aithne chultarach an dà chuid Èirinn agus Alba, agus tha sinn a’ cur fàilte gu h-àraid air iarrtasan airson pròiseactan ùra agus ùr-ghnàthach a bhios a’ leasachadh dhòighean tùsail ùra air coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann a riochdachadh.”

CÙRSAICHEAN GÀIDHLIG AIG RUBHA AN FHITHICH ANN AN 2012

CÙRSAICHEAN GÀIDHLIG AIG RUBHA AN FHITHICH ANN AN 2012

2012-03-23

Tha Co-Chomunn na Pàirc a’ tairgsinn tuilleadh chùrsaichean am-bliadhna do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ leantainn air cho fìor shoirbheachail ’s a bha na cùrsaichean a bh’ ann roimhe agus am fiosrachadh deimhinneach a thàinig air ais bhuapa agus bho oileanaich de gach aois. Bidh cuid de na cùrsaichean stèidhichte anns an ostail sa bheil 14 leapannan aig Rubha an Fhithich fhèin agus bidh feadhainn eile còmhla ri teaghlaichean le Gàidhlig sa choimhearsnachd ionadail.

Iomain Cholmcille  2012

Iomain Cholmcille 2012

2012-03-12

Thèid an còigeamh cluiche de dh’Iomain Chomcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta eadar luchd na Gàidhlig ann an Alba is Èirinn, a chumail ann am Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach air Disàthairne 7mh den Ghiblean. Airson a’ chiad uair, bidh ceithir sgiobaidhean ann, a dhà a’ riochdachadh iomain na h-Alba, Alba fhèín agus sgioba a’ riochdachadh an Eilein Sgitheanaich, agus a dhà a’ cluich iomain na h-Èireann, Micheal Breathnach agus sgioba o Uladh.

Luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath agus Na Speiríní ag iomlaid sgeulachdan

Luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath agus Na Speiríní ag iomlaid sgeulachdan

2012-03-12

Bidh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath a’ suapadh sgeulachdan le an co-choimhearsnaich anns Na Speiríní thairis air Latha Naoimh Pàdraig. Tha a’ bhuidheann, Cearcall na Gàidhlig, a’ cumail suas cheanglaichean eadar a’ choimhearsnachd aca fhèin agus coimhearsnachdan ann an Èirinn a Tuath sa bheil sgoiltean tro mheadhan na Gaeilge. Tha an tadhal seo gu sgìre sa bheil lìonra làidir de sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean tro mheadhan na Gaeilge. Tha e air eagrachadh le Pádraigín Ní Raifeartaigh bho Sgoil-àraich na Speiríní ann am Móin na nIonadh. Bithear a’ tadhal air An Carn agus air Bun-sgoil Naoimh Brìghd ann an Tír Chiana, a thuilleadh air Coláiste Feirste far am bi co-labhairt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Air an fheasgar ro Latha Naoimh Pàdraig, bidh tachartas tar-dhùthcha a’ gabhail àite airson na coimhearsnachd mu thimcheall Baile na Croise agus An Tobar Mór. Tha sruth mhòr tro mheadhan na Gàidhlig le sruth nas lugha sa Bheurla anns an sgoil Albannach, Bun-sgoil Chomar nan Allt. Ged a tha i ann an sgìre de bhailtean mòra, tha an sgoil coltach ann an iomadh dòigh ri Bun-sgoil Naoimh Brìghd anns An Carn.

Colmcille a’ cur taic ri CD ùr a tha a’ comharrachadh saidhbhreas an dualchais eadar òrain na h-Èireann ’s na h-Alba.

Colmcille a’ cur taic ri CD ùr a tha a’ comharrachadh saidhbhreas an dualchais eadar òrain na h-Èireann ’s na h-Alba.

2010-12-03

Tha dà dhualchas seinn Gàidhlig – dualchas Ulaidh agus Earra-Ghàidheal – air a riochdachadh air CD ùr a chaidh a chur air bhog air a’ mhìos seo le taic bho Cholmcille.