Bho Chuan gu Cuan II - Gàidheil Alba ann an Canada

Bidh Bho Chuan gu Cuan a’ gabhail àite air 17 – 18 an Dàmhair 2013 ann an Ceàrnag Naomh Anna, Béal Feirste, agus 's ann a-mach air Gàidheil Alba ann an Ceanada bhon 18mh linn gus an 21mh linn a bhios e. Fasglaidh cùisean oidhche Diardaoin 17 an Dàmhair, agus ag leantainn fad an latha Dihaoine 18 an Dàmhair. ‘S e measgachadh a bhios ann de dh’òraidean, agus de thachartasan ealan, agus tha e ag amas air raon fairsing de luchd èisteachd a thàladh a-staigh ann. Bidh a' cho-labhairt a’ tighinn gu crìch  Diardaoin 18 an Dàmhair ri cèilidh anns am bi luchd seinn agus ciùil à Canada, Alba agus Èirinn, Fin Moore agus Gràinne Holland nam measg.
Tha am Beurla agus a’ Fhrangais nan cànainean oifigeil ann an Ceanada agus faodaidh sgoiltean teagasg  a thabhann air na h-uile ìre ann an cànain seach cànain dhiubh.  Tha dìleab mhòr de chànanain dùthchail agus eilthireach ann an Ceanada cuideachd. Aig toiseach na 20mh linne bha còrr agus mìle neach-labhairt Gàidhlig ann an Canada, mòran dhiubh ann an ceàrnaidheanssgapte mar Cheap Breatann no Eilean a’ Phrionnsa, ceàrnaidhean far am bite a’ toirt na Gàidhlig seachad am broinn teaghlaichean sìos tro na ginealaichean.
Bidh a' cho-labhairt a' tòiseachadh ag 7 feasgar Diardaoin 17 an Dàmhair anns an Ionad Ealan am MAC nuair a bhios an t-Àrd-Ollamh Rob Dunbar a’toirt seallach fairsaing air a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh ioma-chultarach agus ioma-chànanach Chanada. Às dèidh sin bidh a’ chiad taisbeanadh ann an Èirinn de Bothan air a' Phrèiridh, fiolm tha ag innse sgeulachd Ghàidheil Alba a rinn imrich bho Innse Gall gu taobh siar Cheanada, agus air ais. An ath-latha, Dihaoine 18 an Dàmhair, bidh an luchd-labhairt ag  amharc air Gàidheil Alba ann an Ceanada bhon 18mh linn gu ath-bheothachadh cànain na 21mh linne. Am measg nan cuspairean a thogas ceann, bidh foillseachadh na Gàidhlig, cànain agus creideamh, agus beulaithris an 21ú ceud. Am measg  an luchd-labhairt, bidh Lewis MacFhionghain bho Oifis na Gaidhlig aig Riaghaltas Alba Nuadh, An Dr Stephanie Conn, neach-cruinneachaidh òran bho Oilthigh Toronto, an eachdraiche Dr Karly Kehoe, Oilthigh Glasgow Caledonian, an Dr Sheila Kidd, Oilthigh Ghlaschu, agus Gilleasbuig Fearghasdan, Sabhal Mòr Ostaig/ Oilthigh na Gàidhealtachd. Thèid crìoch a chur air a’ cho-labhairt Dihaoine le cèilidh sa Ramada Encore far an cluinnear am pìobair Fin Moore, am fìdhlear Sarah Hoy, agus na h-òrain aig Gràinne Holland am measg dhaoine eile.
Tha a’ cho-labhairt air a cur air dòigh le Institiúid Léann na Gaeilge is na Ceiltise aig Oilthigh Ulaidh ann an co-bhonn ri Roinn na Ceiltise ag Oilthigh Dhùn Èideann, agus  tha Oifis na Gàidhlig Alba Nua, agus Colmcille prògam compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic rithe. Tha a’ cho-labhairt fasgailte dha na h-uile, agus e saor ‘s an asgaidh.

Tuilleadh  fiosrachaidh:  Caroline Elvin, Oilthigh Ulaidh, neo : c.elvin@ulster.ac.uk  no  Iain Mac a’ Phearsain: js.macpherson@ulster.ac.uk

Bho Chuan gu Cuan II - Gàidheil Alba ann an Canada