Sgoilear bho Sgoil MhicNeacail a’ togail duais am farpais còmhraidh eadar-nàiseanta

Sgoilear bho Sgoil MhicNeacail a’ togail duais am farpais còmhraidh eadar-nàiseanta

B’ i Peigi Ann Scott, sgoilear o Sgoil MhicNeacail, a thog duais airson an neach-òraid a b’ fheàrr san roinn Albannach de, Ri Chèile, an co-fharpais labhairt poblach eadar Alba is Èireann.  

B’ e gairm làidir airson àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh an Leòdhais an cuspair a bh’ aice.  Na h-òraid, bhruidhinn Peigi Ann air feumalachd àrainneachd a leigeadh le òigridh an Eilein fàs suas gu tur fileanta agus comhfhurtail a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean, agus cho deatamach agus a bha àrd-sgoil Ghàidhlig, eadhon do dh’ òigridh mar i fhèin, a bh’ air a bogadh gu tur sa Ghàidhlig air Taobh Siar Leòdhais.

Ghlèidh Peigi Ann sa roinn Albannach dhen co-fharpais, b’ i Cuisle Nic Liam à Sgoil Ghràmar Naomh Dominic ann am Beul Feirste a bhuannaich sa roinn Èireannach agus b’ e Jack Walsh à Colaiste Eòin, sgoil Ghàidhlig ann am Baile Átha Cliath a tuath a bhuannaich an co-fharpais gu h-iomlan.

Thuirt Alison Cheanadach, o Sgoil MhicNeacail, a bha còmhla ris na sgoilearan, “Fhuair na sgoilearan dheagh chothrom coinneachadh ri sgoilearan ùra à Alba agus Èirinn aig co-fharpais Ri Chèile.  ‘S e turas air leth a bh’ ann a thug sealladh dhaibh air cultar na h-Èirinn agus an àite a th’ aig Gaeilge taobh a-staigh na dùthcha.  Thug a’ cho-fharpais misneachd dhaibh a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig agus a’ leasachadh na sgilean aca a’ lìbhrigeadh òraid.  Chòrd an turas ris a h-uile duine a bha an sàs ann.”

Choinnich 50 oileanach agus luchd-teagaisg ann am Beul Feirste airson Ri chèile, tachartas a tha a’ toirt cothrom do dh’ òigridh Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Èirinn an cuid cànain a chleachdadh air falbh on sgìrean fhèin, agus an cànan agus cultar a roinn. Chaidh còig àrd-sgoiltean Albannach a riochdachadh aig Ri Chèile 2013 – Sgoil Mhicneacail ann an Leòdhas; Acadamaidh Inbhir Pheofharain; Àrd-Sgoil Ghlinn Challdair ann an Cille Bhrìghde an Ear; Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu; agus Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig ann an Dùn Èideann.  A bharrachd air an co-fharpais labhairt, fhuair iad cothrom rudan inntinneach eile a dhèanamh leithid cèilidh Ghàidhlig sa Chulturlann; farpais-cheist Ghàidhlig; agus cuairt dhan taigh-tasgaidh ‘Titanic’.

B’ iad Gael Linn agus Comunn na Gàidhlig (CnaG) a chuir Ri Chèile air dòigh agus chaidh a mhaoineachadh le Colm Cille, compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig.

Dealbh                Jack Walsh à Colaiste Eòin, sgoil Ghàidhlig ann am Baile Átha Cliath a tuath, Peigi Ann Scott o Sgoil MhicNeacail agus Cuisle Nic Liam à Sgoil Ghràmar Naomh Dominic ann am Beul Feirste.

Sgoilear bho Sgoil MhicNeacail a’ togail duais am farpais còmhraidh eadar-nàiseanta