Colmcille a’ cur taic ri CD ùr a tha a’ comharrachadh saidhbhreas an dualchais eadar òrain na h-Èireann ’s na h-Alba.

Tha dà dhualchas seinn Gàidhlig – dualchas Ulaidh agus Earra-Ghàidheal – air a riochdachadh air CD ùr a chaidh a chur air bhog air a’ mhìos seo le taic bho Cholmcille. Tha Doimnic Mac Giolla Bhríde agus Griogair Labhruidh air òrain a thaghadh bho shaidhbhreas dualchais co-roinnte, a tha a’ nochdadh na h-ionnanachdan agus na ceanglaichean cultarach eadar ar dà dhùthaich. Tha ceangal aig a’ mhòr-chuid de na h-òrain Èireannach air an CD le Alba agus tha ceangal aig a’ chuid mhòr de na h-òrain Albannach ri Èirinn, agus tha cuid eile de na h-òrain a tha air an seinn san dà dhùthaich agus cuid eile leis an fhonn cheudna. Bha feadhainn de na h-òrain ann mus do ghabh an dà chultar an slighe fhèin, fhad ’s a tha cuid eile dhiubh air an slighe a lorg thar Sruth na Maoile, am muir a tha eadar an dà dhùthaich, anns na 300 bliadhna a dh’fhalbh.


www.doimnic.com
www.griogair.com

Colmcille a’ cur taic ri CD ùr a tha a’ comharrachadh saidhbhreas an dualchais eadar òrain na h-Èireann ’s na h-Alba.