Structair

Tha amasan ro-innleachdail compàirteachais Cholmcille fo sgrùdadh comataidh de thriùir bhall bho Bòrd Stiùirichean Foras na Gaeilge agus dithis bho Bòrd Stiùirichean Bhùird na Gàidhlig. Tha a’ Chomataidh seo a’ coinneachadh co dhiubh ceithir tursan gach bliadhna.

Tha rianachd làitheil Cholmcille fo stiùireadh Co-òrdanaiche a’ Phròiseict agus àrd-oifigearan bho Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig.

Tha Colmcille a’ fastadh Oifigich Leasachaidh ann an Alba agus Èirinn, le taic rianachd ann an oifisean Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig. Bì na trì Oifigich Leasachaidh – stèidhichte ann an Béal Feirste, Gaoth Dobhair agus Glaschu – a’ co-obrachadh air raon phròiseactan, a’ cur an sàs eòlas sònraichte agus sgilean ann an leasachadh agus rianachd phròiseactan.

Luchd-Obrach

Maolcholaim Scott – Oifigeach Leasachaidh, Èirinn (Tuath)

Noeleen Ní Cholla - Oifigeach Leasachaidh, Èirinn (Deas)

Oifigeach Leasachaidh, Alba - Dreuchd Bàn