Mur Deidhinn

Chaidh Colmcille, no Iomairt Cholm Cille mar a bh’ ann, a chur air bhog air 9mh Ògmhios 1997 le Ceann-suidhe na h-Èireann a bh’ ann aig an àm, Máire Robinson, agus le Brian MacUilleam, a bha aig an àm na Mhinistear Staite ann an Alba airson Foghlam, Gnìomhachas agus Gàidhlig. Thug an Ceann-suidhe Robinson tarraing air dleastanas Cholmcille a thaobh “cruthachadh farsaingeachd dhuinn fhìn gus na bha eadar Èirinn agus Alba a chomharrachadh” agus thug MacUilleam iomradh air an dòchas a bh’ aige gum biodh Colmcille “a’ neartachadh taic do chànan na Gàidhlig agus a’ leasachadh cheanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhlig Alba agus Èirinn”.

Tha Colmcille – a-nis na phrògram com-pàirteachais eadar Foras na Gaeilge, a’ bhuidheann air a bheil dleastanas cànan na Gaeilge adhartachadh, agus Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann air a bheil dleastanas cànan agus cultar na Gàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta – a’ leantainn air adhart a’ toirt taic do phròiseactan a tha ag adhartachadh an dualchais cànanach agus cultarach a tha ri fhaotainn eadar Èirinn is Alba, agus thathar a’ coileanadh seo tro bhith a’ maoineachadh phròiseactan a tha stèidhichte sa choimhearsnachd, agus tro bhith ag adhartachadh iomairtean foghlaim, ealan agus cultair air feadh Èirinn a Tuath, Èirinn a Deas agus Alba.

A dh’aindeoin bliadhnaichean de ghluasad cànain bho Ghàidhlig agus Ghaeilge gu Beurla, tha na cànanan sin a’ soirbheachadh fhathast mar chànanan beò coimhearsnachd ann an cuid de dh’àiteachan far a bheil an cànan làidir air a’ Ghàidhealtachd/sa Ghaeltacht, agus tha iad air an cleachdadh gach latha le mòran daoine taobh a-muigh na Gaeltacht ann am bailtean mòra mar Glaschu, Inbhir Nis, Dùn Èideann, Doire agus Baile Átha Cliath. Tha comas labhairt gu ìre air choreigin ann an Gàidhlig aig 92,396 neach ann an Alba. A rèir a’ Chunntais-Sluaigh mu dheireadh tha comas aig 58,652 a’ Ghàidhlig a labhairt le comas aig 33,744 eile an cànan a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn. A rèir figearan a’ Chunntais-Sluaigh mu dheireadh, tha comas aig 1.66 millean neach ann an Èirinn a Deas air Gaeilge a labhairt, agus tha 10.4% den luchd-còmhnaidh ann an Èirinn a Tuath ag ràdh gu bheil beagan eòlais aca air a’ chànan.

’S e gnothaich Cholmcille coimhearsnachdan cànain a tharraing còmhla agus eadar-obrachadh feumail eatarra a chur air adhart, agus tha dreuchd comasachaidh aig a’ phrògram com-pàirteachais seo tro bhith a’ cuideachadh le sreath làidir de leasachadh phròiseactan, cruthachadh cheanglaichean agus a’ toirt seachad fiosrachaidh agus taic tro thabhartasan. Tha obair Cholmcille an sàs ann an togail mothachadh da chèile air dà mhion-chànan; comasachadh cleachdadh agus tuigse da chèile den dà chànan; togail dàimh le raon fharsaing de luchd-ùidh, le farsaingeachd de luchd-èisteachd agus coimhearsnachdan cànain ionadail. Gus amasan a choileanadh, tha feum aig Colmcille, chan ann a-mhàin air prògram de phròiseactan eadar-dhealaichte, ach cuideachd air com-pàirteachadh bho raon fharsaing de bhuidhnean agus de choimhearsnachdan.

Tha sùil ga chumail air amasan ro-innleachdail com-pàirteachas Cholmcille le co-chomataidh air a dhèanamh suas le trì buill bho Bhòrd Stiùiridh Foras na Gaeilge agus dà bhall bho Bhòrd Stiùiridh Bòrd na Gàidhlig. Bidh a’ chomataidh seo a’ coinneachadh co-dhiù 4 tursan sa bhliadhna. Tha Oifigearan Leasachaidh ag obair do Cholmcille ann an Alba agus Èirinn le taic rianachd a’ tighinn bho oifisean Fhoras na Gaeilge agus Bhòrd na Gàidhlig. Bidh na trì Oifigearan Leasachaidh, a tha stèidhichte ann an Gaoth Dobhair, Béal Feirste agus Glaschu, ag obrachadh còmhla air raon de phròiseactan, agus a’ co-obrachadh air an leasachadh ro-innleachdail agus air an liubhairt. Tha stiùireadh Cholmcille bho latha gu latha fo uallach a’ Cho-òrdanaiche agus àrd-oifigearan bho Fhoras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig.

Tha e iomchaidh do bhuidhnean coimhearsnachd le bonn-stèidh, buidhnean neo-phrothaideach, buidhnean saor-thoileach agus buidhnean ag obair ann an com-pàirteachas leis na buidhnean sin, iarrtas a chur a-steach gu Colmcille airson taic ionmhais. Ann an suidheachadh neo-àbhaisteach, faodaidh daoine fa leth no companaidhean a’ dèanamh prothaid, iarrtas a chur a-steach mas urrainnear taisbeanadh gu bheil buannachd shoilleir gu bhith ann do na coimhearsnachdan cànain san fharsaingeachd.

Tha prìomhachasan ro-innleachdail Cholmcille air am fiosrachadh tro na prionnsapalan a thaobh planadh cànain aig Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig co-cheangailte ri Togail; Cleachdadh; Inbhe; agus Corpas.