Stiùireadh

('S e 21 Gearran 2014 an ath cheann-latha airson iarrtasan ann an ann an Èirinn; Feuchabh www.gaidhlig.org airson na h-Alba)

Tha Colmcille a’ brosnachadh tuigse air an eòlas mu chultar eadar-mheasgte coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba, a thuilleadh air a bhith a’ togail deasbad mu dhraghan coitcheann a thaobh cùisean sòisealta, cultarach agus eaconamach, le rùn air fèin-mhisneachd a thogail an taobh a-staigh nan coimhearsnachdan Gàidhlig.

’S e aon de phrìomh phrionnsapalan Cholmcille gum bi a chuid obrach agus pròiseactan le taic tabhartais a’ togail mothachadh do mar a tha Gàidhlig a’ cur ri dearbh-aithne chultarach an dà chuid Èirinn agus Alba. Feumaidh cuimse làidir a bhith aig gach iarrtas air cànan, agus a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann. Chan eil taic maoineachaidh bho Cholmcille san àm a dh’fhalbh a’ barantachadh maoineachaidh san àm ri teachd don iomairt cheudna. Thèid prìomhachas a thoirt do Chom-pàirteachasan Coimhearsnachd làidir agus do cheanglaichean, agus tha sinn gu h-àraid a’ cur fàilte air iarrtasan mu choinneamh pròiseactan ùra agus ùr-ghnàthach a bhios a’ leasachadh dhòighean ùra tùsail air Gàidhealtachd na h-Alba agus Gaeltacht na h-Èireann a riochdachadh.

Ma tha ùidh agaibh ann an iarrtas a chuir a-steach, bruidhnibh an toiseach ris an Oifigeach Pròiseict anns an sgìre agaibh pfhèin

Prìomhachas maoineachaidh Cholmcille:

Bi Colmcille a’ stiùireadh tabhartasan gu pròiseactan a tha a’togail air an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh Gàidhlig agus Gaeilge.

  • * Feumaidh pròiseactan fòcas làidir air cànan agus an ceangal eadar Gàidhlig agus Gaeilge
  • * Bu choir pròiseactan neartachadh air ceanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba.

Cha ghabhar ris na leanas:

Pròiseactan as nach eil ceanglaichean eadar, no nach eil a’deanamh togail air Gàidhlig agus Gaeilge:
Pròiseactan nach eil a’ togail cheanglaichean eadar Èirinn agus Alba, agus nach eil a’ togail tuigse ann an Èirinn air a choimhearsnachd Gàidhlig ann an Alba, no ann an Alba air a choimhearsnachd Ghaeilge.

Ciamar a nì mi iarrtas?

Tha foirm iarrtais & stiùireadh sgrìobhte ri fhaighinn le bruidhinn ri fear/tè de dh’Oifigeach Leasachaidh Cholmcille

Cuin a chuireas mì iarrtas a steach?

Tha Colmcille air tilleadh gu cinn-latha stèidhichte Chuairtean Coimisein.

Dè eile bu chòir dhomh a’ dhèanamh?

Tha e cudromach bruidhinn ris na h-Oifigich Leasachaidh
Leugh am fiosrachadh-stiùiridh

Cò a tha airidh air iarrtas a’dheanamh?

Buidhnean coimhearsnachd stèidhichte, buidhnean as aonais prothaid, buidhnean saor-thoileach agus buidhnean ag obair ann an co-bhann ris na buidhnean sin. 

Iarrtais

  • Feumar iarrtas sgrìobhte air a’shoighnigeadh a chuir a steach. Tha e air iarraidh air luchd-iarrtais leth-bhreac eile a chuir thugainn gu digiteach, airson gun gabh e sgapadh gu oifisean Cholmcille.
  • Bu choir dhuibh am fiosrachadh-stiùiridh mu phriòmhachasan Cholmcille a’leughadh gu mionaideach mus lìon sibh am foirm-iarrtais.
  • Tha Oifigich Cholmcille toilichte ceist sam bith a’ fhreagairt mun foirm-iarrtais.
  • Bu chòir leth-bhreac dhan iarrtas a ghleidheil.
  • Bu choir ainm agus seòladh an tagraiche a chuir air gach duilleag nach eil na phàirt dhen fhoirm-iarrtas.
  • Theid cuidhteas a chuir gun tagraiche a’ dearbhadh gun do ràinig an iarrtas.