Maoineachadh
Tha Colmcille a’ brosnachadh tuigse air an eòlas mu chultar eadar-mheasgte coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba, a thuilleadh air a bhith a’ togail deasbad mu dhraghan coitcheann a thaobh cùisean sòisealta, cultarach agus eaconamach, le rùn air fèin-mhisneachd a thogail an taobh a-staigh nan coimhearsnachdan Gàidhlig.
’S e aon de phrìomh phrionnsapalan Cholmcille gum bi a chuid obrach agus pròiseactan le taic tabhartais a’ togail mothachadh do mar a tha Gàidhlig a’ cur ri dearbh-aithne chultarach an dà chuid Èirinn agus Alba. Feumaidh cuimse làidir a bhith aig gach iarrtas air cànan, agus a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann. Chan eil taic maoineachaidh bho Cholmcille san àm a dh’fhalbh a’ barantachadh maoineachaidh san àm ri teachd don iomairt cheudna. Thèid prìomhachas a thoirt do Chom-pàirteachasan Coimhearsnachd làidir agus do cheanglaichean, agus tha sinn gu h-àraid a’ cur fàilte air iarrtasan mu choinneamh pròiseactan ùra agus ùr-ghnàthach a bhios a’ leasachadh dhòighean ùra tùsail air Gàidhealtachd na h-Alba agus Gaeltacht na h-Èireann a riochdachadh.
Ma tha ùidh agaibh ann an iarrtas a chuir a-steach, bruidhnibh an toiseach ris an Oifigeach Pròiseict anns an sgìre agaibh pfhèin
Priòmhachas maoineachaidh Cholmcille:
Bi Colmcille a’ stiùireadh tabhartasan gu pròiseactan a tha a’togail air an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh Gàidhlig agus Gaeilge.
- * Feumaidh pròiseactan fòcas làidir air cànan agus an ceangal eadar Gàidhlig agus Gaeilge
- * Bu choir pròiseactan neartachadh air ceanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba.
Cha ghabhar ris na leanas:
Pròiseactan as nach eil ceanglaichean eadar, no nach eil a’deanamh togail air Gàidhlig agus Gaeilge:
Pròiseactan nach eil a’ togail cheanglaichean eadar Èirinn agus Alba, agus nach eil a’ togail tuigse ann an Èirinn air a choimhearsnachd Gàidhlig ann an Alba, no ann an Alba air a choimhearsnachd Ghaeilge.
Ciamar a nì mi iarrtas?
Tha foirm-iarrtais ri faighinn aig www.colmcille.net , no le bruidhinn ri fear/tè de dh’Oifigeach Leasachaidh Cholmcille
Cuin a chuireas mì iarrtas a steach?
Tha Colmcille air tilleadh gu cinn-latha stèidhichte Chuairtean Coimisein.
Tha dà cheann-latha gu bhith aig Colmcille gach bliadhna airson iarrtais.. 'S e 18 a' Chèitinn a' chiad cheann-latha airson iarrtasan ann an 2012.
Dè eile bu chòir dhomh a’ dhèanamh?
Tha e cudromach bruidhinn ris na h-Oifigich Leasachaidh
Leugh am fiosrachadh-stiùiridh
Cò a tha airidh air iarrtas a’dheanamh?
Buidhnean coimhearsnachd stèidhichte, buidhnean as aonais prothaid, buidhnean saor-thoileach agus buidhnean ag obair ann an co-bhann ris na buidhnean sin. Ann an suidheachaidhean sònraichte faodaidh neach fa leth no companaidh airson prothaid iarrtas a’ dhèanamh ma tha buannachd ri fhaicinn airson na coimhearsnachdan cànain anns an fharsaingeachd.
Iarrtais
- Feumar iarrtas sgrìobhte air a’shoighnigeadh a chuir a steach. Tha e air iarraidh air luchd-iarrtais leth-bhreac eile a chuir thugainn gu digiteach, airson gun gabh e sgapadh gu oifisean Cholmcille.
- Bu choir dhuibh am fiosrachadh-stiùiridh mu phriòmhachasan Cholmcille a’leughadh gu mionaideach mus lìon sibh am foirm-iarrtais.
- Tha Oifigich Cholmcille toilichte ceist sam bith a’ fhreagairt mun foirm-iarrtais.
- Bu chòir leth-bhreac dhan iarrtas a ghleidheil.
- Bu choir ainm agus seòladh an tagraiche a chuir air gach duilleag nach eil na phàirt dhen fhoirm-iarrtas.
- Theid cuidhteas a chuir gun tagraiche a’ dearbhadh gun do ràinig an iarrtas.


