Aithneachadh air maoineachadh Cholmcille

1. Stiùiridhean

Colmcille

’S e prògram com-pàirteachais a th’ ann an Colmcille eadar Foras na Gaeilge, a’ bhuidheann le dleastanas airson Gàidhlig na h-Èireann adhartachadh ann an Eilean Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann le dleastanas a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha Colmcille a’ cur taic ri pròiseactan a bhios ag adhartachadh an dualchais chànanach is chultarach a tha co-roinnte eadar Alba agus Èirinn, agus a’ toirt seo gu buil tro bhith a’ maoineachadh phròiseactan stèidhichte sa choimhearsnachd, agus ag eagrachadh iomairtean foghlaim, ealan, cultarach agus adhartachaidh air feadh Alba agus Èirinn.

Ag adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig / Gaeilge

’S e adhbhar Cholmcille a bhith a’ toirt choimhearsnachdan cànain gu chèile agus ag adhartachadh eadar-obrachadh deimhinneach, agus tha dleastanas comasachaidh aig a’ phrògram com-pàirteachais le bhith a’ toirt prògram làidir de leasachadh phròiseactan gu bith, agus a’ solarachadh cheanglaichean is fiosrachaidh agus taic thabhartasan. Tha obair Cholmcille an sàs ann an togail mothachadh a chèile don dà chànan; cuideachadh le cleachdadh agus tuigse co-aontach don dà chànan; togail dhàimhean le raon de luchd-ùidh, farsaingeachd de luchd-èisteachd agus coimhearsnachdan cànain ionadail. Gus amasan a choileanadh, tha feum aig Colmcille, chan ann a-mhàin air prògram de phròiseactan eadar-dhealaichte, ach cuideachd air com-pàirteachadh bho raon fharsaing de choimhearsnachdan agus de bhuidhnean.

Mar chom-pàirteachas a tha air a mhaoineachadh le airgead poblach, tha e cudromach gu bheil cothrom aig a’ mhòr-shluagh na tha sinn a’ dèanamh fhaicinn agus mar a chaidh airgead poblach a chosg. Tha e mar chùmhnant tabhartais air buidheann a bhios a’ faighinn maoineachaidh bho Cholmcille an taic seo aithneachadh a h-uile cothrom a gheibh iad m.e. air bileagan, postairean, brathan naidheachd, sanasan, taisbeanaidhean, làraich-lìn is prògraman thachartasan.

Dh’fhaodadh nach bi pròiseact air a mheas iomlan, agus dh’fhaodadh gum bi dàil air pàigheadh a-mach airgid no dh’fhaodadh gum bi e air a chumail air ais mura h-eil aithneachadh ceart air a thaisbeanadh.

Cuidichibh sinn ag adhartachadh ’s a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig is Gaeilge le bhith a’ cleachdadh ar suaicheantais.

An Suaicheantas

Tha Suaicheantas Cholmcille ri fhaotainn ann an diofar chruthan; air post-d, air CD no faodar a thoirt sìos bho làrach-lìn a’ phròiseict. Tha e cudromach gun tèid suaicheantas a’ Bhùird a chleachdadh gu cunbhalach agus gu bheil follaiseachd iomchaidh ga thoirt dha, a rèir meud an tabhartais. Bu chòir gu nochdadh an suaicheantas gu h-iomlan agus ann an riochd dìreach. Cha bu chòir gum biodh e air a dhèanamh nas motha no nas lugha.

2. Follaiseachd

Brathan Naidheachd

Bu chòir do gach brath naidheachd innse gu soilleir gun deach am pròiseact a mhaoineachadh le Colmcille. Bu chòir innse cò às a thàinig a’ mhaoin, agus luach is ceann-latha an tabhartais a nochdadh gu follaiseach ann am briathran a’ bhrath naidheachd. Faodar abairt oifigeil fhaighinn bho Cho-òrdanaiche Cholmcille airson a chleachdadh.

Foillseachadh Oifigeil

Bu chòir do bhuidhnean cuireadh a thoirt do Cholmcille a bhith an làthair aig foillseachadh oifigeil no seirbheis fosglaidh co-cheangailte ri pròiseact no tachartas a fhuair maoineachadh. Bu chòir aithneachadh soilleir a bhith sna cuiridhean a thèid a chur gu aoighean gun deach am pròiseact a mhaoineachadh le Colmcille, an dàrna cuid le bhith a’ cleachdadh an t-suaicheantais no le iomradh a thoirt san teacsa. Bu chòir maoineachadh Cholmcille a bhith air aithneachadh ann an òraidean sam bith a thèid a lìbhrigeadh aig an fhosgladh.

Stuthan Foillsichte

Bu chòir maoineachadh bho Cholmcille a bhith air ainmeachadh gu follaiseach ann an litreachas adhartachaidh sam bith co-cheangailte ris a’ phròiseact, an dàrna cuid le bhith a’ cleachdadh an t-suaicheantais no, ann an cuid de shuidheachaidhean, iomradh san teacsa. Tha seo a’ gabhail a-steach bileagan, leabhrain, prògraman, postairean, fiosan, stuth follaiseachd agus taisbeanaidh, làraich-lìn agus sanasachd.

Soidhnichean

Gabhaidh an suaicheantas a chlò-bhualadh air bòrd no a ghràbhaladh air uachdar iomchaidh sam bith. Tha na h-aon phrionnsapalan ann a thaobh meud agus suidheachadh ’s a tha ann a thaobh stuth foillsichte.

Ìomhaighean

Bu chòir do bhuidhnean dealbhan den phròiseact no den tachartas a chur a dh’ionnsaigh Colmcille am meadhan no aig deireadh a’ phròiseict, ma ghabhas sin dèanamh.

Tuilleadh Stiùiridh

Bho Oifigear Leasachaidh Cholmcille