FÈILL CHALUIM CHILLE
8-10 An t-Ògmhios 2007
Air ar misneachadh le soirbheas Fèill na bliadhna seo, tha Colmcille an dùil barrachd leasachaidh a dhèanamh air an Fhèill le bhith leudachadh an rogha thachartas a tha sinn a’ tabhann agus sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean compàirt a ghabhail los leithid de leasachadh a dhèanamh comasach. Thathas nar beachd tachartas nas motha coltach ris an fhear a bh’ ann a chumail ann an Ì Chaluim Chille/Muile anns an Ògmhios 2007.Tha còmhraidhean a’ dol mu thràth agus bidh an tachartas fo bhratach fèisean Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd 2007. Tha sinn a’ cur ri ar sùil gun gabh an fhèis a-staigh: clasaichean cànain, ceòl dualchasach, obair-cheàirde agus cultur, gèam iomain/iomain Èireannach òigridh, tachartasan traidiseanta bhàtaichean agus taisbeanadh ga chumail còmhla ri Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Colaiste na Trianaid, Baile Àtha Cliath, luchd-gleidhidh Leabhar Cheannanais. San taisbeanadh bidh fìor lethbhreac dhen Leabhar agus rè na Féile chithear a’ tilleadh stuthan làmh-dhèante a chaidh a thoirt air falbh à Eilean Ì airson an cumail sàbhailte.
Airson deicheamh ceann-bliadhna Cholmcille a chomharrachadh air 9mh An t-Ògmhios 2007 tha sinn an dùil cuirm-fhàilteachaidh a chur air dòigh ann an Ì far am bi na dealbhan bhon cho-fharpais dhealbhan-camara cloinne a bh’ againn mar bhrat-cùil airson taisbeanadh a bhios a’ cur cuideam air na rinn sinn sa bhliadhna a dh’fhalbh.
Tha an Fhèill ag amas air rudeigin a bhith ann dhan a h-uile duine – an dà chuid sean is òg. ’S e cànan prìomh thargaid na fèise. Gidheadh, chan ann a-mhàin do luchd-labhairt a’ chànain a tha i; gheibh feadhainn aig nach eil an cànan buannachd aiste cuideachd. ’S e ar n-amas cothrom air Gàidhlig/Gaeilge, cultar agus dualchas a chur an glaic na ghabhas de dhaoine, coma co-dhiù aois, nàisean no eile.