FEILE CHOLM CILLE, Gleann Cholm Cille

Dùn nan Gall, 9-11mh An t-Ògmhios 2006

Logo: colmcille

Bha an sàr chòmhlan Hothouse Flowers aig bàrr gnothaich aig a’ chiad Fhéile Cholmcille a bh’ ann riamh air a cumail ann an Gleann Cholm Cille, Siorrachd Dhùn nan Gall. Chaidh an Fhéile, a bhios na tachartas bhliadhnail ann am mìosachan Cholmcille, a cumail aig deireadh-seachdain Latha Fèille Cholm Chille air an 9mh An t-Ògmhios, a’ comharrachadh bàs an Naoimh. Tha e a’ toirt cothrom mìorbhaileach airson eadar-obrachadh daingeann a bhith ann eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann agus dòchas gum iompaich e daoine dealasach gu ar n-adhbhar.

Thug an Fhéile còmhla sean agus òg, Albannaich is Èireannaich, airson a bhith comharrachadh a h-uile seòrsa dualchas traidiseanta a tha againn – cànan, ceòl, dannsa agus seòladh gun ach a’ bheag ainmeachadh. Thug e dhuinn cuideachd an t-àrd-ùrlar ro iomchaidh airson Plana Ro-innleachdail Cholmcille agus a’ Cho-fharpais Dhealbhan-camara, Saol na nGael a chur air bhog. Am measg nan nithean a ghlac aire bha dhà no trì aithrisean le Seinneadairean Shalm Albannach traidiseanta à Eilean Leòdhais, Taistealan Cholmcille mu na 15 stèiseanan (carraighean-cuimhne/clachan le sgrìobhadh) ann an srath a’ Ghlinne agus nuair a ràinig sgoth thraidiseanta Zulu, Cuach, às na h-Eileanan Siar. Bha pàirt mòr aig cànan is cultar Eilean Mhanainn cuideachd san Fhèill – ceanglaichean a tha sinn an dòchas a neartachadh san àm ri teachd.

Chaidh aithne a thoirt gu poblach do cho cudromach ’s a bha e gun do chuir sinn leithid de thachartas a dhol leis gun robh Aonghas MacNèill, BP, Iar-Mhainistir (Na h-Eilean Siar); Mary Coughlan, TD, Ministear Stàite, Dáil, Baile Átha Cliath; agus Peter Karran, MHK, Eilean Mhanainn an làthair.

Bha an ùidh a bh’ aig na Naidheachdan ann am Féile na bliadhna seo a’ ciallachadh aithris naidheachd air RTE Six 1 agus Nine 1 (prìomh phrògraman naidheachd na h-Èireann), agallamhan air Raidió na Gaeltachta, RTÉ 1 Radio agus dà dhuilleag de dhealbhan anns an Donegal air Didòmhnaich còmhla ri grunn iomraidhean naidheachd eile, ionadail agus nàiseanta agus le bhith leantainn ro-innleachd co-ionann ach nas motha tha sinn dhen bheachd gum bi an ùidh a thèid a nochdadh ann an 2007 nas treasa na 2006.


Email this site to a friend

Naidheachdan

There is currently no news.

There are currently no events.


Image: Map