
Chaidh Colmcille a stèidheachadh ann an 1997 air a mhaoineachadh le Riaghaltasan Alba, Èireann a Tuath agus Phoblachd na h-Èireann le dleastanas a bhith
‘a’ cruthachadh coimhearsnachd bheothail, cho-obrachail eadar Èirinn agus Alba’.
Tha sinn ag amas air seo a choileanadh ann an dà dhòigh:
A’ toirt tabhartas ionmhais do phròiseactan a tha a’ coileanadh ar n-amasan ro-innleachdail
agus
Sinn fhìn a’ cur phròiseactan air dòigh a tha a’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn a tha aig Poblachd na h-Èireann, Èirinn a Tuath agus Alba.

A’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh nan cànanan Gàidhlig – Gaeilge agus Gàidhlig na h-Alba – ann an agus eadar Èirinn agus Alba
A’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn – cànan is cultar – a th’ aig Èirinn a Tuath, Alba agus Poblachd na h-Èireann
1. A’ sgrùdadh a’ phoileasaidh thabhartasan airson dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidhean agus modhan-obrach daingeann aig Colmcille, agus luchd-obrach ann a chuidicheas an sgioba gus na prìomh chinn-uidhe aca a thoirt gu buil.
2. A’ cur an gnìomh an Ro-innleachd Chonaltraidh ùr gu h-àraidh a’ coimhead air eadar-dhealachadh agus ‘àrd-sheasamh’ agus a’ togail ìomhaigh Cholmcille agus a cuid obrach anns gach raon dligheach an dà chuid am measg an t-sluaigh agus aig na h-ìrean rianachd as àirde.
3. A’ cuimseachadh gu h-àraidh air Pròiseactan Suaicheanta agus Cuspairean Buadhmhor (gnìomh-obraichean nas cumhainge le prìomh chuspairean soilleir) airson gach pròiseact air an urrainn buaidh a bhith aig Colmcille (m.e. fàs air bunait an luchd-compàirt/na ballrachd) agus ‘àrd-sheasamh’ a choileanadh agus prìomh amas Cholmcille a thoirt gu buil.
4. Rian a chur air taic Ionmhasail, Laghail agus Riaghlaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil siostaman daingeann agus structuran luchd-obrach stèidhichte ann gus an sgioba a chuideachadh na prìomh amasan ùra a choileanadh agus ‘mapa rathaid’ a bhith ann airson leasachadh seasmhach san àm ri teachd.