Tha Colmcille an dùil leabhraichean fhoillseachadh air cuspairean a bhios ag adhartachadh an dualchais choitchinn Ghàidhlig a tha aig Èirinn a Tuath, Alba agus Èirinn. ’S e a’ chiad fhoillseachadh Amra Choluim Chille, air a thoirt am follais an co-bhoinn ris an Urras Ultach.
’S e Amra Choluim Chille aon de na dàin as sine ann an Gaeilge agus gu cinnteach am fear as sine ris an gabh bliadhna a chur. Tha e mu 155 loidhne a dh’fhaid. Chaidh a dhèanamh anns na bliadhnaichean às dèidh bàs Cholum Chille ann an 597, ged a dh’fhaodadh e bhith gun deach a’ chiad rann a dhèanamh ann an 575. Tha an t-Amra air a sgrìobhadh ann am fìor sheann Ghaeilge, air a dhèanamh nas dorra a chionn ’s gun do chleachd am filidh a dh’aon ghnothach modh-labhairt bhàrdail dhoirbh, dhoilleir, agus gun do rinn e e a rèir ghnàthasan a tha tur eadar-dhealaichte bho mar a tha sinne tuigsinn dè th’ ann am bàrdachd an-diugh. Tha a’ chainnt cho doirbh ’s nach eil beò ach dòrlach sgoilear a dh’fhuasglas i ’s tha eagal air a’ mhòr-chuid a dhol na gaoth – dh’fhoillsich an duine mu dheireadh a rinn oidhirp a dheasachadh an dreachd aige air ais ann an 1899.
Tha an taisbeanadh seo a’ toirt còmhla an obair-ealain le Brian Ferran agus an obair-litreachaidh le Dòmhnall Moireach agus iad nam freagairt lèirsinneach do cheithir dreachdan den dàn – a’ chiad dreachd àrsaidh, tionndadh gu Gaeilge an latha an-diugh agus dreachd Beurla leis an Àrd-ollamh PL Henry agus eadar-theangachadh Gàidhlig le Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail.
’S e buil na cùise sàr chruinneachadh de dhealbhan a chithear aig Ionad Ealain a’ Ghutha, Sràid an Easbaig, Doire eadar Diardaoin 2mh agus Disathairne 4mh An t-Samhain.